Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach, agus chuir iad Iosa air.
An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh.
Rinneadh na nithean seo uile, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh ag ràdh,
Agus thug iad an asal agus an loth leo, agus chuir iad am fallaingean orra, agus chuir iad esan na shuidhe air am muin.
Agus thubhairt iadsan, Tha feum aig an Tighearna air.
Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe.
Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr-shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,
Agus air do Iosa asal òg fhaotainn, shuidh e air; a rèir mar a tha e sgrìobhte,