Agus ma dh’fheòraicheas neach air bith dhibh, Carson a tha sibh ga fhuasgladh? mar seo their sibh ris, Tha feum aig an Tighearna air.
Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.
Ag ràdh, Imichibh don bhaile tha fa ur comhair; anns am faigh sibh, air dhuibh dol a‑steach, searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh: fuasglaibh, agus thugaibh an seo e.
Agus air imeachd dhaibhsan a chuireadh air falbh, fhuair iad mar a thubhairt e riu.
Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),