Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani, làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.

Agus nuair a dh’fhàg e iad, chaidh e a‑mach as a’ bhaile gu Betani, agus dh’fhan e an sin.

Ag ràdh, Imichibh don bhaile tha fa ur comhair; anns am faigh sibh, air dhuibh dol a‑steach, searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh: fuasglaibh, agus thugaibh an seo e.

Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann-ola, thòisich mòr-chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad,

Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann-ola.

Agus air dha dol a‑mach, chaidh e, mar a bu ghnàth leis, gu Sliabh nan Crann-ola; agus lean a dheisciobail e.

Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad.

An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan