Agus thubhairt e riùsan a bha nan seasamh an làthair, Thugaibh uaithe am punnd, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich puinnd;
Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?
Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.
Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.
Air an adhbhar sin carson nach tug thu m’airgead don luchd-malairt, agus air teachd dhòmhsa thogainn e le riadh?
(Agus thubhairt iad ris, A thighearna, tha deich puinnd aige;)