Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha eagal orm romhad, do bhrìgh gur duine geur-theann thu: tha thu a’ togail an nì nach do leag thu, agus a’ buain an nì nach do chuir thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:

Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:

Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.

Do bhrìgh gur naimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhè: oir chan eil i umhail do lagh Dhè, agus cha mhò a tha e an comas dhi a bhith.

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan.

Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.

A dhèanamh breitheanais air na h‑uile, agus a‑chum iadsan uile a tha mì‑dhiadhaidh nam measg fhàgail ris, a‑thaobh an uile ghnìomharan mì‑dhiadhaidh a rinn iad gu mì‑dhiadhaidh, agus a‑thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mhì-dhiadhaidh na aghaidh.

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan