Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu;
Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.
Agus thàinig esan a bha marbh a‑mach, agus a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach-mhairbh: agus bha a aghaidh ceangailte mun cuairt le nèapaigin. Thubhairt Iosa riu, Fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd.