Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ris-san, Bi‑sa mar an ceudna os cionn còig bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Abraibh ris an ionracan gur math a dh’èireas dha; oir toradh an gnìomharan ithidh iad.

Agus thàinig an dara fear, ag ràdh, A thighearna, rinn do phunnd còig puinnd.

Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

An tì a shuidhicheas, agus an tì a dh’uisgicheas, is aon iad: agus gheibh gach aon a dhuais fhèin, a rèir a shaothair fhèin.

Ach seo tha mi ag ràdh, An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an tì a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna.

Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn-duais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan