Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an dara fear, ag ràdh, A thighearna, rinn do phunnd còig puinnd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, agus cuid eile a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.

Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra.

Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.

Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.

Agus thubhairt e ris-san, Bi‑sa mar an ceudna os cionn còig bailtean.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan