Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.

No air a bhith dhàsan fhathast fada uaithe, cuiridh e teachdaireachd a dh’iarraidh cumhachan sìthe.

Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.

A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.

Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan