Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin thubhairt e, Chaidh duine uasal àraidh do dhùthaich fad as a dh’fhaotainn rìoghachd dha fhèin, agus a thilleadh air ais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd-san dhuinn fhèin.

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada.

Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e.

Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.

Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.

Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan.

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan