Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.
Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.
Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.
No cò a’ bhean aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las coinneal, agus nach sguab an taigh, agus nach iarr gu dìcheallach gus am faigh i e?
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.