Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar.

A tha ag ràdh, Fan agad fhèin, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile.

Cluinnibh-se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme-sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.

Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là, agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh, agus nach eil fionnadh buidhe sam bith ann, agus nach eil an càrr ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann;

Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?

Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.

Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.

Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.

An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad?

An sin chàin iad e, agus thubhairt iad, Is tusa a dheisciobal; ach is sinne deisciobail Mhaois.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Rugadh thusa uile ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg-ne? Agus thilg iad a‑mach e.

Agus thubhairt e rium, Imich: oir cuiridh mise thu am fad a‑chum nan Cinneach.

Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè.

Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair-bhreitheanais Chrìosd.

Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris.

Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan