Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn.

Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach?

Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia?

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan