Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, a Dhè mo shlàinte, a là agus a dh’oidhche ghlaodh mi ad fhianais.

Agus bheir esan breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, nì e breitheanas don t‑sluagh ann an ceartas.

Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;

Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia?

Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.

Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh.

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?

Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?

Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas.

Cò a chuireas coire sam bith as leth daoine taghte Dhè? Is e Dia a dh’fhìreanaicheas.

Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas;

A dh’oidhche agus a là a’ guidhe gu ro‑dhùrachdach gum faiceamaid ur n‑aghaidh-se, agus gun leasaicheamaid uireasbhaidh ur creidimh?

Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh:

A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean;

Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;

Peadar, abstol Iosa Crìosd, a‑chum nan coigreach a tha air an sgapadh tre Phontus, Ghalàtia, Chapadòcia, Asia, agus Bhitinia,

Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?

Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan