Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.
Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.
Agus nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra,
Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!
Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.