Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.
Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.
Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.
Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?
An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.
Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.