Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan.

Thàinig beannachadh an tì a bha ullamh gu bàsachadh orm; agus thug mi air cridhe na bantraich seinn le aoibhneas.

Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.

Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.

Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu.

Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine:

Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;

Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor-theachd gun sgìthich i mi.

Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan