Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Peadar, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn?

Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse, dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Agus thòisich Peadar air a ràdh ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.

Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean, agus lean iad esan.

An sin thubhairt e ris an deisciobal, Feuch do mhàthair! Agus on àm sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i da thaigh fhèin.

Ach na nithean a bha nam buannachd dhomh, mheas mi iad sin nan call airson Chrìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan