Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.

Esan a dh’earbas as a shaoibhreas, tuitidh e; ach mar ghèig, thig na fìreanan fo bhlàth.

Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.

Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.

Agus bha an rìgh ro‑dhuilich; gidheadh airson a mhionnan, agus an dream a bha nan suidhe maille ris, cha robh toil aige a diùltadh.

Agus nuair a chuala e seo, bha e ro‑dhuilich; oir bha mòr-bheartas aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan