Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean.

Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.

Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur-leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo-choireach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan