Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.
Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, eadhon Dia.
Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.
Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.
Thoir urram dod athair agus dod mhàthair (is i seo a’ chiad àithne le gealladh),
A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna.