Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.

Tha na ròidean mòra fàsail, dh’fhalbh am fear-turais; bhris e an coicheangal, chuir e cùl ris na cathraichean, chan eil meas aige air duine.

Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid.

Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;

An sin thubhairt tighearna an fhìonlios, Ciod a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach dan ionnsaigh: faodaidh e a bhith, nuair a chì iad e, gun toir iad urram dha.

Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan