Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh-sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thimcheall-gheàrr Abrahàm Isaac a mhac, nuair a bha e ochd làithean a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha.

Agus sheas Iùdah uile am fianais an Tighearna; mar an ceudna an òigridh, am mnathan, agus an clann.

Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, a‑chum gum bi m’eagal-sa gu bràth orra, a‑chum an leas fhèin, agus leas an cloinne nan dèidh.

Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.

Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte.

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Oir tha am fear ana-creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana-creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.

Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear-gearraidh d’fhiodha gu fear-tarraing d’uisge;

Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan