Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh-sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias?
Agus nuair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille ri trì-bhliadhnach tairbh, agus aon ephah de mhin mhìn, agus searrag fhìona, agus thug i e do thaigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha an leanabh òg.