Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal.

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.

Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as.

Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith.

A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.

Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.

Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean.

Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.

Gu cinnteach air luchd-fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs.

Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.

Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.

Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.

Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.

Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.

Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:

Cò a chuireas coire sam bith as leth daoine taghte Dhè? Is e Dia a dh’fhìreanaicheas.

Fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tre chreideamh Iosa Crìosd, chreid sinne fhèin ann an Iosa Crìosd; a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh o chreideamh Chrìosd, agus chan ann o obraichean an lagha: oir o obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.

Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.

Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan