Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

45 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs.

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Pheacaich sinn le ar n‑athraichean; rinn sinn gu h‑olc, rinn sinn gu h‑aingidh.

Agus thigeadh do thròcair am ionnsaigh, a Thighearna, do shlàinte a rèir d’fhacail;

Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;

Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr.

Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna.

Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi.

Thubhairt mi, A Thighearna, dèan tròcair orm; leighis m’anam, oir pheacaich mi ad aghaidh.

Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.

Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais.

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.

Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe:

Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh,

Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Oir bidh mise tròcaireach dan euceartan, agus am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan