Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.
Ach deicheamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas-togte don Tighearna, thug mi do na Lèbhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca.
Oir tha mi ag ràdh ribh, Mura toir ur fìreantachd-se barrachd air fìreantachd nan sgrìobhaichean agus nam Pharasach, nach tèid sibh air chor air bith a‑steach do rìoghachd nèimh.
Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.
Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.
An sin thàinig deisciobail Eòin da ionnsaigh, ag ràdh, Carson a tha sinne agus na Pharasaich a’ trasgadh gu minig, agus nach eil do dheisciobail-sa a’ trasgadh?
Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.
Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.
Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh.
Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.
Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.