Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 18:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh dithis dhaoine suas don teampall a dhèanamh ùrnaigh; fear dhiubh na Pharasach, agus am fear eile na chìs-mhaor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh, agus an trusgan, agus a ghillean-cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.

Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Agus thubhairt Heseciah ri Isaiah, Ciod an comharradh gun leighis an Tighearna mi, agus gun tèid mi suas air an treas là do thaigh an Tighearna?

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Ag ràdh riu, Tha e sgrìobhte, Is taigh-ùrnaigh mo thaigh-sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e.

Dom b’aithne mi o thùs (nam b’àill leo fianais a dhèanamh), gun do chaith mi mo bheatha am Pharasach, a rèir an luchd co‑bharail as teinne de ar creideamh-ne.

Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.

Air mo thimcheall-ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan