Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa?
Agus nuair a chunnaic Iòseph Beniàmin maille riu, thubhairt e ri fear-riaghlaidh a thaighe, Thoir na daoine sin dhachaigh, agus marbh, agus deasaich; oir maille riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon-là.
An sin dh’èirich Daibhidh on talamh, agus dh’ionnlaid agus dh’ung e e fhèin, agus mhùth e a aodach, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna, agus rinn e adhradh: an sin thàinig e da thaigh fhèin, agus nuair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e.
Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?