Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan riu, Cò an duine agaibhse aig am bi aon chaora, agus, ma thuiteas i ann an sloc air là na sàbaid, nach beir oirre, agus nach tog a‑nìos i?

An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?

Agus fhreagair e iadsan, ag ràdh, Cò agaibhse, ma thuiteas a asal no a dhamh ann an slochd, nach tarraing a‑mach gu grad e air là na sàbaid?

Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:

Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan