Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach mura èisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a‑chum gum bi gach nì air a dhèanamh seasmhach ann am beul dithis no triùir fhianaisean.

Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh.

Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan