Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Na cruinnich m’anam le peacaich, no mo bheatha le daoine fuileachdach,

Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd-dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe.

Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach, foillsichidh mi dhuibh iad.

Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

Feuch, dh’innis mi dhuibh e ro‑làimh.

Agus thugaibh-se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.

Ach thubhairt Peadar ris, Ged fhaigh iadsan uile oilbheum annad, gidheadh chan fhaigh mise e.

Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i.

Bidh dithis bhan a’ bleith cuideachd; gabhar aon dhiubh agus fàgar a’ bhean eile.

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan