Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e.

Oir ge bè neach lem b’àill a anam a ghleidheadh, caillidh e e; agus ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, gheibh e e.

Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile.

Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan