Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an là sin, an tì a bhios air mullach an taighe, agus a àirneis anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas gu a toirt leis: agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh esan air ais mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?

(An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan