Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr-chumhachd agus glòir.

Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin.

Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile.

Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte.

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir.

Ionnas nach eil sibh an dèidh-làimh ann an tìodhlac sam bith; a’ feitheamh ri foillseachadh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.

Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.

Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:

Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.

Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.

A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.

Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan