Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Drùdhaidh achmhasan nas mò air duine glic na ceud buille air amadan.

Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte.

Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.

Cha bhi fuath agad dod bhràthair ann ad cridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus chan fhuiling thu peacadh air.

Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair?

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.

Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice,

Thugaibh uime sin an aire mhath dhuibh fhèin (oir chan fhaca sibh gnè coslais sam bith anns an là air an do labhair an Tighearna ribh ann an Hòreb, à meadhon an teine),

Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gun dìochuimhnich sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a rinn e ribh, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas nì air bith a thoirmisg an Tighearna do Dhia dhut:

A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

A bhràithrean, ma thèid aon neach agaibhse air seachran on fhìrinn, agus gun iompaich neach e;

Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn-duais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan