Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.

Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah.

Amhail nuair a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; gu deimhinn bidh Mòab mar Shòdom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, na fhàsach fheanntagaich, agus na phuill shalainn, agus na lèirsgrios sìorraidh; nì fuidheall mo shluaigh-sa an creachadh, agus iarmad mo chinnich an sealbhachadh.

Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh:

Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;

Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.

Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.

Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan