Amhail nuair a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd-malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd-reic nan calaman,
Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile.