Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.
Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.
Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.
Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin.
Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile.
Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?
Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.
Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;