Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is èiginn dha air tùs mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis a’ ghinealach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.

On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich-chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean-ne?

Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;

Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.

Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean.

Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.

Agus ghabh e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.

Agus sgiùrsaidh agus marbhaidh iad e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.

Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.

A‑chum gum biodh briathran an fhàidh Esaias air an coileanadh, a thubhairt e, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris-ne? Agus cò dha a dh’fhoillsicheadh gàirdean an Tighearna?

Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan