Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus ruith na beò-chreutairean, agus thill iad, mar phlath dealanaich.

Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.

Oir mar a thig an dealanach on àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.

Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:

Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.

Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.

Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.

Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.

Gun sibh a bhith gu h‑ealamh air ur crathadh nur n‑inntinn, no fo bhuaireas, le spiorad, no le facal, no le litir, mar uainne, mar gum biodh là Chrìosd am fagas.

Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd:

Bithibh-se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan