Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir-nuadh-phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear-nuadh-pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear-nuadh-pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh.
Feuch, dh’fhàgadh ur taigh fàs agaibh: agus gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach faic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an abair sibh, Is beannaichte an tì a thig ann an ainm an Tighearna.
An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.