Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, thàinig rìoghachd Dhè dur n‑ionnsaigh-se.

Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e:

Agus their iad ribh, Feuch an seo, no, Feuch an siud: na rachaibh, agus na leanaibh iad.

Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.

Fhreagair Eòin iad, ag ràdh, Tha mise a’ baisteadh le uisge; ach tha neach na sheasamh nur measg, nach aithne dhuibh;

Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.

Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.

Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan