Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.
Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.
Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad-fhoillseachadh.
Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.