B’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.
Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.
Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.
Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon-sa, agus air do shon fhèin.
Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.
Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.
Agus ge bè a bheir adhbhar oilbheim do aon neach den mhuinntir bhig seo, a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge.
An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain.
Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo-bhrìgh.
Rinneadh mi dhaibhsan a tha anfhann mar dhuine anfhann, a‑chum gun cosnainn an dream a tha anfhann: bha mi anns an uile chruth do na h‑uile dhaoine, a‑chum air gach uile dhòigh gun saorainn cuideigin.