Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Gu luath dhìochuimhnich iad a ghnìomharan; cha d’fheith iad ra chomhairle.

Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè.

Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.

Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach.

Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Ach gun tilgear clann na rìoghachd ann an dorchadas a tha an leth a‑muigh; bidh an sin gul agus gìosgan fhiacal.

Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Nach do ghlanadh deichnear; ach an naoinear, càit a bheil iad?

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan