Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Nach do ghlanadh deichnear; ach an naoinear, càit a bheil iad?
Agus dh’èigh an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, Càit a bheil thu?
Gu luath dhìochuimhnich iad a ghnìomharan; cha d’fheith iad ra chomhairle.
Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan-san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e.
Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo.
Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.