An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.
Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.
Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.