Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.
Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn.
Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal-sa leigidh mi sìos an lìon.