Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Uime sin dlùth-leanaidh luibhre Nàamain riutsa, agus rid shliochd gu bràth. Agus chaidh e a‑mach as a fhianais, na lobhar, geal mar shneachd.

Agus bha ceathrar dhaoine air an robh an luibhre aig dol a‑steach a’ gheata; agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Carson a dh’fhanas sinn an seo gus am bàsaich sinn?

Agus thubhairt e, Cuir do làmh a‑rìs ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh a‑rìs na bhroilleach, agus thug e a‑mach as a bhroilleach i, agus, feuch, dh’iompaicheadh i mar a’ chuid eile de a fheòil.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nan tilgeadh a h‑athair ach smugaid na h‑aodann, nach bu chòir dhi a bhith fo nàire seachd làithean? Druidear a‑mach on champ i rè seachd làithean, agus na dhèidh sin gabhar a‑steach i a‑rìs.

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan